Use of Turnitin at UHI

Copy

Turnitin

Please read the information below about the use of Turnitin software at the University of the Highlands and Islands.

Use of Turnitin at the University of the Highlands and Islands

You may be asked to submit assignments (essays, papers or other text-based projects) through Turnitin. Turnitin is an online originality checking service that conducts textual similarity reviews of submitted papers. When assignments are submitted to Turnitin a copy of the submitted work remains in the Turnitin database for the sole purpose of originality checking in future submitted assignments. Where applicable, you retain copyright on your original course work. Please note that your formal acceptance of the university’s regulations permits the use of originality checking software.
If Turnitin is used in your course:

  • Your first and last name and university e-mail address may be stored in the Turnitin database.
  • Your tutor may upload your assignment or may ask you to upload your assignment. Assignments are submitted to Turnitin through the university’s Virtual Learning Environment, Blackboard. Your tutor will inform you of the procedure. For training and FAQs please see the links below.
  • While you are still a registered student and after you have left the university, your work will be retained under the university’s name in the Turnitin database and may be further reproduced and used for disciplinary investigations concerning other students.
  • You should use only your student number in submitting assignments through Turnitin – please avoid providing any details that will compromise your privacy.

For more information about Turnitin see:

Information for students who are given Turnitin passwords

There are two ways to access Turnitin, via Blackboard (using your UHI ID and password) and via the internet (using a Turnitin password). You don’t normally need a Turnitin password, but if you are given a Turnitin password you may only log into the Turnitin website under the following conditions:

  • You are enrolled in a unit/module for which you have been given an identification number and password and the password with which you are entering the Turnitin site is your own which has been specifically issued to you by the university.
  • You maintain the confidentiality of your password.
  • You may not share your password with any other person.
  • If you suspect any unauthorized use of your Turnitin account or access to your Turnitin password you must notify iParadigms immediately by sending an e-mail to legal@iparadigms.com.

If you have any questions please check if they are answered in the university’s Turnitin FAQs page: https://uhi-mahara.co.uk/view/view.php?id=1203. If you have additional questions, please speak to your Personal Academic Tutor or tutor.

Turnitin

Leugh am fiosrachadh gu h-ìosal mu chleachdadh bathar-bog Turnitin aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean mas e do thoil

Cleachdadh Turnitin aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Faodaidh gun tèid iarraidh ort pìosan obrach (aistean, pàipearan agus pròiseactan sgrìobhte eile) a chur a-steach tro Turnitin. Is i seirbheis air-loidhne a th’ ann an Turnitin, a bhios a’ sgrùdadh tùsalachd phàipearan le bhith a’ dèanamh coimeas eadar pàipearan a thèid a chur a-steach. Nuair a thèid pìosan obrach a chur a-steach tro Turnitin, thèid lethbhreac den obair a chumail ann an stòr-dàta Turnitin, ach a-mhàin gus tùsalachd phìosan obrach a thèid a chur a-steach san àm ri teachd a sgrùdadh. Mar as iomchaidh, ’s ann leat fhèin a tha dlighe-sgrìobhaidh airson na h-obrach agadsa. Thoir fa-near, le bhith a’ gabhail ri riaghailtean foirmeil an oilthigh tha thu a’ ceadachadh cleachdadh bathar-bog a bhios a’ sgrùdadh tùsalachd phìosan obrach.
Ma bhithear a’ cleachdadh Turnitin air a’ chùrsa agadsa:

  • Faodaidh gun tèid a’ chiad ainm, sloinneadh agus seòladh puist-d oilthigh agad a chumail ann an stòr-dàta Turnitin.
  • Faodaidh gun luchdaidh an neach-oide agad am pìos obrach agad suas no faodaidh gun iarr iad ortsa ga luchdachadh suas. Thèid pìosan obrach a chur ri Turnitin tro Àrainneachd Ionnsachaidh Mas-fhìor an oilthigh, Blackboard. Innsidh an neach-oide agad dhut mun phròiseas. Airson trèanadh agus ceistean cumanta, faic na ceangalan gu h-ìosal.
  • Fhad ’s a bhios tu fhathast clàraichte leis an oilthigh agus an dèidh dhut an t-oilthigh fhàgail, thèid an obair agad a chumail fo ainm an oilthigh ann an stòr-dàta Turnitin agus faodaidh gun tèid feum a chur air airson rannsachaidhean mu oileanaich eile.
  • Cha bu chòir dhut ach an àireamh oileanaich agad a chleachdadh nuair a chuireas to pìosan obrach a-steach tro Turnitin – na cuir fiosrachadh pearsanta a-steach mas e do thoil e.

Airson barrachd fiosrachaidh mu Turnitin faic:

Fiosrachadh do dh’oileanaich a bhios a’ faighinn faclan-faire Turnitin
Tha dà dhòigh ann air cothrom fhaighinn air Turnitin, tro Blackboard (leis an dearbh-aithne oilthigh agad agus facal-faire) agus tron eadar-lìon (le facal-faire Turnitin). Mar as trice cha bhi feum agad air facal-faire Turnitin, ach ma thèid facal-faire Turnitin a thoirt dhut, chan fhaod tu logadh air làrach-lìn Turnitin ach fo na cumhnantan a leanas:

  • Gu bheil thu clàraichte air aonad/modal a fhuair thu àireamh dearbh-aithneachaidh agus facal-faire air a shon agus gur ann leatsa a tha am facal-faire a chleachdas tu gus cothrom fhaighinn air an làraich Turnitin, a chaidh a thoirt dhut leis an oilthigh.
  • Gun cùm thu am facal-faire agad dìomhair.
  • Nach faod tu am facal-faire agad innse do neach sam bith eile.
  • Gun cuir thu fios gu iParadigms sa bhad ma tha amharas agad gun deach an cunntas Turnitin no facal-faire agad a chleachdadh gun chead, le bhith a’ cur post-d gu legal@iparadigms.com.

Ma bhios ceist sam bith agad, thoir sùil air duilleag an oilthigh air ceistean cumanta mu Turnitin: https://uhi-mahara.co.uk/view/view.php?id=1203. Ma bhios ceistean a bharrachd agad, bruidhinn ris an neach-oide acadaimigeach pearsanta no neach-oide a’ mhodail agad mas e do thoil e.